Duine ga leòn an Inbhir Ghòrdain

Thugadh fireannach dhan ospadal 's e air a leòn gu dona an dèidh buaireadh annn an Ros an Ear oidhche Mhàirt.

Chaidh na Poilis a ghairm gu flat air prìomh shràid Inbhir Ghòrdain, 's aithrisean ann gun robh buaireadh a' dol ann.

Chaidh am fireannach, a tha mu 40 bliadhna de dh'aois, a thoirt do dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt na Poilis gun robh an duine ann an droch staid, ach gun robh e seasmhach.