Deireadh na Cùise
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Air fhoillseachadh
- comments
- Comments
Cha robh dùil aig feadhainn gum maireadh Riaghaltas na Co-bhanntachd, ach mhair e.
Tha an iomairt fhada seo a' tighinn gu crìch, aig a' cheann-thall.
A-màireach, bhòtaidh daoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte airson nam ball a bhios gan riochdachadh anns a' phàrlamaid ùir.
Ach cò dhiubh sin a bhios anns an ath riaghaltas?
Tha gach coltas ann nach bi sin soilleir madainn Dihaoine agus na cunntasan-bheachd uile ag ràdh gur e pàrlamaid chrochte eile a tha romhainn.
Mas e, an e co-bhanntachd, riaghaltas beagchuid no fiù 's taghadh eile a tha air fàire?
Thug mi sùil air ais - agus air adhart.