BBC Naidheachdan

Uard eile an Ràthaig Mhòir dùinte

Published
Chaidh uard ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh a-rithist do dh'euslaintich ùra ri linn Noro-Bhìorais.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil ceathrar euslainteach an-dràsta a' fulang leis a' ghalair.
Chan eil ach dà là bho chaidh an t-ospadal air fad fhosgladh a-rithist an dèidh do cheithir uardan a bhith dùinte do dh'euslaintich ùra ri linn a' ghalair.
Bha 51 euslainteach air a bhith tinn leis uile gu lèir, agus aig aon àm chaidh an t-ospadal air fad a dhùnadh do luchd-tadhail.