Cothroman a dhìth don òigridh

Baile ùr na Cille Bige
Image caption Tha sluagh Shlèite a' fàs, ach 's iad seann daoine as motha, seach an òigridh, a tha a' tighinn a dh'fhuireach san sgìre.

Thuirt Comhairle Coimhearsnachd Shlèite gum feumar cothroman a chruthachadh a chumas daoine òga ann an sgìrean dùthchail.

Bha iad a' freagairt co-chomhairleachaidh phoblaich Chomhairle na Gàidhealtachd air na bu chòir a bhith san ath-phlana ionadail aca.

"An rud as cudromaiche san sgìre seo, agus tha mi cinnteach mun a h-uile sgìre eile a-muigh air an dùthaich, 's e gum faigh sinn dòigh air barrachd den òigridh a chumail ann an seo," thuirt Ruairidh Moireach, a tha na Chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd Shlèite.

"Agus 's e an rud as motha a tha a dhìth air daoine a' fuireach ann an seo, 's e nach eil taighean ann as urrainn dhaibh fhaighinn air màl a tha cothromach.

Àrainneachd

"'S tha sinn a' smaoineachadh le sin gum bu chòir dhuinn a bhith a' cur suas taighean, air màl cothromach airson gum faigh daoine òga cothrom fuireach anns an sgìre, agus gum bi obraichean gan cruthachadh dhaibh ann an seo.

"'S e an amas a th' aig a' phlana gum bi am bun-structar air a chur na àite airson gun urrainn dha na buidhnean taigheadais agus buidhnean eile a thighinn a-steach, agus gum bi goireasan againn, gum bi uisge gu leòr ann, gum bi - san là a th' ann an-diugh - bann-leathann, gum bi dòigh againn air fònaichean-làimhe a chleachdadh, agus cuideachd gum bi siostam òtrachais againn.

"Mar sin dheth, tha sinn ag iarraidh air a' Chomhairle gun tig iad a-steach, còmhla ris na buidhnean eile mar Uisge na h-Alba, an fheadhainn a tha a' cumail dealain rinn, 's na fònaichean 's mar sin, gum bi a h-uile duine a tha sin a' tighinn còmhla ri chèile airson gum bi seirbheisean air an cur dhan sgìre seo a tha a rèir fheumalachdan an là an-diugh agus gum bi e comasach do dhaoine òga a thighinn a dh'fhuireach ann an seo, 's gum bi seirbheisean ann a rèir mar a tha daoine ag iarraidh," thuirt e.

Tha sluagh Shlèite a' fàs, ao-coltach ri sgìrean dùthchail eile. Ach 's e seann daoine as motha a tha a' tighinn a dh'fhuireach ann, seach daoine òga le teaghlaichean.

Tha dìth obraichean air fear de na h-adhbharan sin, a thuilleadh air dìth taigheadais.

Tha a' Chomhairle Coimhearsnachd a' toirt rabhaidh ge-tà, gum faodadh cus leasachaidh san sgìre cron a dhèanamh, seach feum.

"Tha dà thaobh air a' chùis. Tha sinn ag iarraidh an sgìre a bhith air a leasachadh, gun cùm sinn an òigridh ann an seo, gum bi obair is goireasan ann dhaibh.

"Air an làimh eile, tha àrainneachd uabhasach prìseil againn an seo ann an Slèite, agus tha sinn airson gum bi sin air a glèidheadh, còmhla ris an leasachadh a tha a' gabhail àite.

"Feumaidh am plana a bhith a' gabhail a-steach an dà thaobh a tha sin. Tha sinn a' crochadh gu mòr air turasachd, feumaidh sinn an àrainneachd ann an seo a bhith air a glèidheadh air a' h-uile cor.

"Ach feumaidh sinn cuideachd a bhith cinnteach gum bi cothroman aig daoine a bhith a' fuireach anns an sgìre seo airson nan linntean a tha a' tighinn," thuirt e.