Taigh an Dotair
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Oidhirp ceannaich choimhearsnachd am Barraigh

7 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nì coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh oidhirp seann taigh agus ionad an dotair ann am Bàgh a' Chaisteil a cheannach.

Tha na h-uimhir de ghoireasan coimhearsnachd san togalach mu thràth, agus tha eagal ann gun tèid an call ma thèid an taigh a reic ri luchd-ceannaich prìobhaideach.

Tha buidheann coimhearsnachd a-niste air ath-chuinge a thòiseachadh air-loidhne ag iarraidh taic an t-sluaigh airson an togalach a cheannach 's a leasachadh.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.