Dragh mun Ghàidhlig an Albainn Nuaidh

Oifis nan Iomairtean Gàidhlig Image copyright other
Image caption Tha fathannan ann gun tèid oifis na buidhne ann am Màbu a dhùnadh cuideachd.

Tha eòlaiche cànain aig Oilthigh Dhùn Èideann draghail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig gearradh cosnaidh ann an Oifis nan Iomairtean Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh.

Tha Iain Seathach air rannsachadh a dhèanamh air dual-chainntean na sgìre agus e ag ràdh gu bheil an dà dhreuchd a chaidh a ghearradh fìor chudromach dhan oidhirp an cànan a sgaoileadh ann an coimhearsdnachdan na h-Albann Nuaidhe.

Sgriobh e litir a' mìneachadh a chuid dhraghan a thaobh an dà dhreuchd a bhith air an gearradh.

"Tha oifis aca ann an Antigonish, agus tha an dà dhreuchd ann an sin," thuirt e.

Air leth soirbheachail

"Cha tugadh seachad adhbhar sam bith carson a chaidh an dà dhreuchd sin a ghearradh.

"Ach tha fhios a'am dè seòrsa obair a bha iad a' dèanamh.

"Tha oifis aca ann an Halifax - prìomh bhaile na Mòr-Roinne - agus ann an Antigonish agsu anns na coimhearsnachdan ann am Màbu air Eilean Cheap Breatainn.

"Niste, an obair a tha iad a' dèanamh ann an sin, tha e air a riaghladh leis an oifis a th' aca ann an Antigonish. 'S e obair coimhearsnachd a th' ann.

"Tha siud a' ciallachadh gum bi feadhainn air fhasadh, a' dol a-mach a chumail chlasaichean cànain anns na coimhearsnachdan.

"Tha dòigh shònraichte aca air sin a dhèanamh.

"Chan ann le leabhraichean mar as trice a tha iad ag obrachadh idir, ach le buidhinn dhaoine, agus tha iad ag obair air rudan a bhios feadhainn a' dèanamh le chèile. A' bruidhinn mun deidhinn.

"Anns na h-àiteachan sin ann an Ceap Breatainn - ach dh'fhaodadh sin a bhith air a chleachdadh ann am buidhnean eile anns na mion-chànanan air feadh an t-saoghail - tha seo air a bhith air leth èifeachdach.

"Agus thàinig feadhainn às an sin a tha fileanta a-niste anns na dual-chainntean a tha air an glèidheadh ann an Ceap Breatainn.

"'S e an rud as seirbhe ann an dòigh a th' ann mu dheidhinn, 's e gu bheil taic shònraichte air a toirt seachad dhan chànan agus do shaoghal na Gàidhlig thall ann an Albainn Nuaidh aig gach ìre, bhon Riaghaltas, a tha sònraichte, leis na h-oifisean a th' ann.

Màbu

"Agus tha seo air buaidh mhòr a thoirt air an coimhearsnachdan, agus air fèin-spèis gu h-àraid anns na coimhearsnachdan," thuirt e.

Tha fathannan an gun tèid an oifis a th' aig a' bhuidhinn ann am Màbu a dhùnadh cuideachd, rud mu bheil Mgr Seathach a-rithist draghail.

"Chuala mi fathann mu dheidhinn sin, agus chan eil mi cinnteach co-dhiù 's e an fhìrinn a th' ann gus nach e," thuirt e.

"Ach ma thèid gearradh sìos air an oifis ann am Màbu, dìreach ann an teis-meadhan Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidhe, tha siud a' ciallachadh gum bi an taic a tha air a toirt dha na coimhearsnachdan ann an Ceap Breatainn air a toirt air falbh.

"Chan eil teagamh sam bith air thalamh nach eil an t-airgead gann thall ann an Albainn Nuaidh. 'S ann mar sin a bha an saoghal riamh.

"Ach 's e meud an airgid a th' ann, chan eil e ach bìdeach, agus ghabhadh gearraidhean a dhèanamh ann an raon air choireigin eile far nach tigeadh am briseadh seo a-nuas oirnn.

"Tha faireachdainn agam gun deach seo a dhèanamh gun a bhith a' smaoineachadh mòran mu dheidhinn, agus gu dè thig às a dhèidh, ma bhios na gearraidhean sin ann," thuirt e.