Ciad shealladh

Tha e tràth fhathast - gu math tràth.

Ach a rèir a' chunntais a-mach a rinneadh leis na craoladairean, is coltach gum bi Dàibhidh Camshron a' fuireach aig Àireamh a Deich.

Da rèir, 's iad na Tòraidhean am pàrtaidh a gheibh an àireamh as motha de shuidheachain, le 316.

Tha e a' cur nan Làbarach air 239, na Lib Deamaich air 10, UKIP agus na h-Uainich air 2 agus Plaid air 4 le 19 aig pàrtaidhean eile.

Ann an Alba tha e a' tuaiream gun tèid cha mhòr a h-uile sgìre don SNP - 58 a-mach à 59.

Ach air an fhianais seo, 's e riaghaltas Tòraidheach de chruth air choireigin a tha air faire - 's e oidhche fhada a tha romhainn ge-tà.

TUILLEADH

Tha tuiream eile aig YouGov: TÒR 284, LÀB 263, LD 31, SNP 48, UKIP 2, PC 3, UAINE 1.