An Tuil

Bha sinn a' feitheamh greis airson toraidh Albannaich ach nuair a thàinig iad thàinig nan tuil.

Is coltach gu bheil an dùthaich a' dol buidhe le gluasadan cho àrd ri 35% - rud nach fhaca sinn a-riamh.

Tha an tuilleadh sgìrean a' tuiteam don SNP fhad 's a tha mi ag sgrìobhadh is mar sin cha dèan mi liosta an seo.

Ach tha Dùghlas Alexander air falbh, tha seann sgìre Ghòrdain Brown air falbh agus tha barrachd bhall aig an SNP mar-thà na bha aca aig Westminster a-riamh.

Air na h-àireamhan seo chan eil àite air a' mhapa nach tèid fodha.

Oidhche eachdraidheil don SNP, oidhche uabhasach do na Làbaraich.

AN TUILLEADH

Sin e - tha Jim Murphy air falbh cuideachd - is cha chanainn gum bi e na cheannard fada tuilleadh.