Aonta air seirbheisean-adhair Earra-Ghàidheal

Itealan
Image caption Bha dragh ann gun tigeadh an t-seirbheis gu crìch meadhan a' Chèitein.

Chuir muinntir Earra-Ghàidheal fàilte air an naidheachd nach sguir an t-seirbheis-adhair eadar an t-Òban agus eileanan na sgìre.

Bha eas-aonta eadar Hebridean Air Services Earranta agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mun ìre de thaic-airgid a bu chòir a bhith ri fhaotainn.

Ach is coltach gu bheil an dà thaobh air aonta ann am prionnsabal a ruighinn.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle nuair a chaidh fios a sgaoileadh gun tigeadh stad air an t-seirbheis-adhair an ceann seachdain.

Dh'fhàg Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a' chompanaidh Hebridean Airways Earranta, gun do choisich iad air falbh bho chòmhraidhean mu chumhnant ùr.

Ach, chiadh a' chompanaidh às àicheadh sin.

Thuirt iadsan gun robh iad fhathast deònach na seirbheisean a ruith, ma ghabhas aonta ceart a dhèanamh.

Thàinig fios oidhche Ardaoin gun deach aonta a ruighinn.

Thuirt Cathraiche Comatiadh Sgìre an Òbain, Latharna agus nan Eilean, an Comh. Ruairidh MacCuthais, gu bheil iad air aonta ann am prionnsabal a ruighinn.

Thurit e gu bheil an t-ùghdarras ionadail deònach an £2m a tha a dhìth a chur ris an t-seirbheis.

Thuirt Stiuiriche na companaidh-adhair Seòras MacCarmaig gu bheil iad tuilleadh is deònach an t-seirbheis a ruith mar a tha iad air a dhèanamh thar nan ceithir bliadhna a chaidh seachad.