Clann agus biadh na mara
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Clann agus maorach

8 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thadhail sgeama a tha a' brosnachadh cloinne aig aois-sgoile gus barrachd mhaoraich agus èisg ithe air na Hearadh sna beagan làithichean a dh'fhalbh.

Chaidh streath de bhùithdean-obrach a chumail ann an Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart airson innse dha na sgoilearan an t-seòrsa èisg a tha ri fhaotainn.

Fhuair iad cuideachd cothrom blas fhaighinn air cuid dhiubh.

Chaidh Catriona NicIllInnein ann còmhla riutha.