Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Tòraidhean

Thèid Dàibhidh Camshron chun na Bànrighinn ann an Lùchairt Bhuckingham mu 12:30f, far a bheil dùil gun can e gu bheil taic gu leòr aige a-nist riaghaltas ùr a stèidheachadh. Seo agus na Tòraidhean air a dhèanamh fada na b' fheàrr san taghadh choitcheann na bha na cunntasan-bheachd dùil. Thathas a' ro-innse gum faigh iad 339 seat uile gu lèir.

Na Làbaraich

Agus às dèidh dha faileachdainn air na Làbaraich crìochnachadh air thoiseach air na Tòraidhean san taghadh, tha cuideam ga chur air Ceannard a' phàrtaidh, Ed Miliband, a dhreuchd a leigeil dheth. Chaill na Làbaraich cha-mhòr gach roinn a bh' aca ann an Alba an-raoir, leis na Nàiseantaich a' glèidheadh 56 sgìre. Tha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Darren Linc, an seo le tuilleadh:

"Chan e a-mhàin gun d' fhuair na Làbaraich droinneach ann an Alba - a' call Rùnaire Dùbhlannach nan Dùthchannan Cèine Dùghlas Alexander, Rùnaire Dùbhlannach na h-Alba Màiread Curran, agus Ceannard Albannach a' phàrtaidh Jim Murphy tha iad sìos gu aon Bhall-Pàrlamaid an Alba a-nist - ach dh'fhailich orra cuideachd adhartas sam bith a dhèanamh an aghaidh nan Tòraidhean anns an Rìoghachd air fad. Chaill iad, am measg eile, an Seansalair Dùbhlannach aca Ed Balls. Le riaghaltas Tòraidheach le mòr-chuid air fàire a-nist, tha cuideam gu math mòr a' tighinn air Ed Miliband a dhreuchd fhàgail mar Cheannard nan Làbarach, agus tha sinn a' tuigsinn gu bheil e a' dol a dhèanamh sin an ceann uair de thìde 's dòcha. Cò a bhios na àite? 'S e Andy Burnham, Rùnaire Dùbhlannach na Slàinte as coltaiche, ach le Yvette Cooper agus Chuka Amuna cuideachd an comas an dreuchd fhaighinn. Ge b' e cò gheibh a-steach dhan dreuchd ge-tà, tha fìor obair air thoiseach orra taic an t-sluaigh fhaighinn a-rithist dha na Làbaraich, agus togail a thoirt dha na Làbaraich bho bhriseadh-dùil uabhasach dhan phàrtaidh."

Tapadh leat. Darren Linc.

Na Lib-Deamaich

Tha e air a thuigsinn gu bheil Nick Clegg cuideachd a' beachdachadh air a dhreuchd mar Cheannard nan Lib-Deamach, às dèidh dhaibhsan 46 seat a chall.

An SNP

Tha mòran air a bhith a' samhlachadh soirbheachas an SNP ri tsunami, às dèidh dhaibh a h-uile seat an Alba ach trì a ghlèidheadh. Ghlèidh na Làbaraich, Tòraidhean na h-Alba is na Lib-Deamaich dìreach aon seat an-urra. Thuirt Nicola Sturgeon, Ceannard an SNP, nach eil rian aig na Tòraidhean a-nist ach a bhith ag èisteachd ri guth làidir Albannach ann an Westminster, agus ri iarrtasan gus crìoch a chur air poileasaidhean austerity.

Na h-Eileanan Siar

Coltach ris a' mhòr-chuid de dh'Alba 's iad an SNP a shoirbhich anns na h-Eileanan Siar an-raoir. Ron taghadh bha am Pàrtaidh Làbarach gu h-ionadail air a bhith gu math misneachail gun toireadh iad an roinn air falbh bho na Nàiseantaich. Ach mar a tha Innes Rothach ag aithris, chan e sin a thachair:

"Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air a bhith a' riochdachadh nan Eileanan Siar ann an Westminster airson deich bliadhna, o rinn Aonghas Brianan MacNèill a' chùis air an Làbarach Calum Dòmhnallach. Bha faireachdainn làidir am measg luchd-iomairt a' Phàrtaidh Làbaraich ge-tà, gun robh deagh chothrom ann gun toireadh an tagraiche aca, Alasdair Moireasdan, na h-Eileanan air ais dhaibh. Ach dh'fhulaing iad briseadh-dùil. Timcheall air 02:15m an-diugh, chaidh fhoillseachadh gun robh an SNP air buannachadh. Cha b' e sin a-mhàin, bha an t-earrainn aca den bhòt air a dhol an-àirde còrr is 8%, le còrr is 54% den luchd-bhòtaidh a' toirt taic dhaibh. Chaidh faighneachd do Mhgr MacNèill dè na h-amasan a bha gu bhith aige mar riochdaire nan Eilean airson nan còig bliadhna a tha romhainn:

"Uell, mar a bha mi o chionn an deich bliadhna a dh'fhalbh, ag obair gu trang dha na h-Eileanan, is tha mi a' smaointinn gu bheil mi gu h-àraid toilichte gu bheil an obair a tha sin air a bhith air aithneachadh anns na h-Eileanan, agus gu bheil a' mhòr-chuid againn airson na dàrna uair air a dhol suas a-rithist. Bu mhath leam taing a thoirt do dhaoine anns na h-Eileanana an Iar a bhòt dhuinn, agus cuideachd canaidh sinn ris an fheadhainn nach do bhòt dhuinn gum bi sinn ag obair dhaibh agus a' dèanamh ar dìcheill air an son, mar a bha sinn co-dhiù."

Bha iomairt nan Làbarach anns na h-Eileanan air a bhith stèidhichte gu ìre mhòir air cùisean ionadail 's iad ag ràdh gun robh Mgr MacNèill air na h-Eileanan fhàiligeadh mar Bhall-Pàrlamaid. Ach cha d' fhuair an teachdaireachd aca an èisteachd a bha iad a' miannachadh. Thuit a' bhòt aca còrr is 4% GU 4,560 - còrr is 4,000 air dheireadh air an SNP. Chuir an tagraiche aca, Alasdair Moireasdan, an coire air gluasadan nàiseanta:

"Rinn sinn argamaidean. Thog sinn cuspairean a bha cudromach do chuid de dhaoine, ach tha e follaiseach gu bheil an cult a tha seo, agus an cult nàiseantachd a th' ann an Alba, gu bheil daoine a' gabhail ris agus a' cumail ris agus a' cur tacsa ris."

Bha na Tòraidhean san treas àite le 1,215. Bha am Pàrtaidh Crìosdaidheachd nas lugha na 200 bhòt air dheireadh orra anns a' cheathramh àite, leis na Lib-Deamaich anns a' chòigeamh àite."

Bho Thaigh Iain Ghròt gu Ceann Loch Chille Chiarain chaidh smachd nan Libearalach Deamocratach air a' Ghàidhealtachd a sguabadh às. Am measg na chaill an seataichean bha Àrd-Rùnaire an Ionmhais Danny Alexander, agus Teàrlach Ceanadach a bha roimhe na cheannard air a' phàrtaidh. Seo Calum MacIllEathain:

"Air feadh gach roinn Pàrlamaid air a Ghàidhealtachd bhòt còrr is 70% den t-sluagh. Ann an Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Srath Spè, bhòt duine às gach dithis airson Drew Hendry aig an SNP, agus e a' glèidheadh 29,000 bhòt. Chaill an Libearalach Deamocratach Danny Alexander, a bha na Àrd-Rùnaire Ionmhais a sheat, ged nach do chrìon àireamh nam bhòtaichean dha ach beagan is mìle. Chaidh cur às dhan mòr-chuid aig Teàrlach Ceanadach le Iain Blackford ann an sgìre Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abar. Sheas sin aig 13,000 o chionn còig bliadhna, ach ghlèidh Blackford còrr is 20,000 bhòt - an coimeas ris a' Cheanadach a ghlèidh nas lugha na 15,000. Chaidh am Pàrtaidh Làbarach dhan cheathramh àite air cùl a' Phàrtaidh Thòraidhich. Am beachd Theàrlaich Cheanadaich, b' e "oidhche of the long sgian dubhs" a bh' ann. Ann an Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear, 's e Pòl Monaghan a tha a' gabhail thairis bho Iain Thurso. Bhòt beagan is 15,000 neach dha, a' togail an SNP bhon treas àite aig an taghadh mu dheireadh chun a' phrìomh àite. Bho a bhith sa cheathramh àite ann an Earra-Ghàidheal is Bòd ann an 2010, rinn an SNP a' chùis am-bliadhna. Fhuair Brendan O'Hara faisg air 23,000 bhòt - an coimeas ri cha-mhòr 15,000 dha Ailean Reid aig na Lib-Deamaich."

UKIP

Dh'fhailich air Ceannard UKIP, Nigel Farage, seat a ghlèidheadh ann an Thanet a Deas. Shoirbhich san àite sin leis na Tòraidhean. Bha Mgr Farage air a ràdh roimhe gun seasadh e sìos na dhreuchd mar Cheannard mura faigheadh e àite ann an Taigh nan Cumantan. Aig a' cheart àm ge-tà, fhuair UKIP a' chiad roinn Phàrlamaid aca ann an taghadh coitcheann, ann an Clacton an Essex. Chùm Dùghlas Carswell an roinn far an robh e roimhe na bhall Tòraidheach mus deach e gu UKIP.

Seirbheisean-adhair Earra-Ghàidheal

Ann an naidheachdan eile chuir muinntir Earra-Ghàidheal fàilte air an naidheachd nach tèid stad a chur air an t-seirbheis-adhair eadar an t-Òban agus eileanan na sgìre. Bha eas-aonta eadar Hebridean Airways Earranta agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mun ìre taic-airgid a bu chòir a chumail ris. Ach tha e coltach gu bheil an dà thaobh air aonta ann am prionnsabal a ruighinn.

Ionnsaigh

Tha fireannach ìosal ach seasmhach san ospadal às dèidh a bhualadh le càr agus an uair sin le gunna ann an Glaschu. Thachair an t-ionnsaigh air Rathad Royston mu 6:30f an-raoir. Fhuair poilis an càr Mitsubishi 4x4 geal beagan ùine às a dhèidh.

VE Day

Agus thèid seirbheis chuimhneachaidh a chumail aig an Senotaph ann an Lunnainn feasgar gus comharrachadh VE Day, 70 bliadhna bho thàinig an Dàrna Cogadh gu crìch anns an Roinn Eòrpa.