Aonaichte fhathast?

Aig a' cheann-thall bha na cunntasan-bheachd fada ceàrr.

An aghaidh dùil, fhuair Dàibhidh Camshron morchuid shlàn anns a' phàrlamaid ùir a bheir cothrom dha riaghladh na aonar.

Bha na Làbaraich cha mhòr ceud shuidheachan air dheireadh air na Tòraidhean anns an dàrna àite agus feumaidh iad a-nis ceannard ùr thaghadh gus àite Ed Miliband a ghabhail.

Chaidh na Lib Deamaich a pheanasachadh gu mòr airson am pàirt-san anns a' cho-bhanntachd a dh'fhàg gum b' fheudar do Nick Clegg a dhreuchd a leigeil seachad.

Agus dh'fhalbh Nigel Farage às dèidh mar a dh'fhàilig airsan South Thanet a choisinn do UKIP.

Trì ceannardan air falbh taobh a-staigh beagan uairean a thìde.

Doirbh

Ann an Alba bha na cunntasan ceart.

Ach tha e fhathast doirbh a' creidsinn gu bheil an SNP a-nis air cha mhòr a h-uile suidheachan ann an Alba a ghlèidheadh.

Chan eil aon bhall an urra aig na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich agus lethcheud ball nàiseantach ùr a-nis ag ullachadh airson nan suidheachan aca a ghabhail anns na Cumantan.

Dh'fhalbh Danny agus Dùghlas Alexander, Teàrlach Ceannadach agus Jim Murphy.

Chuireadh nàiseantaich gu Westminster bho sheann sgìrean Ghòrdain Brown agus Ming Chaimbeil.

Fhuair an SNP còrr is lethcheud sa cheud de bhòt an t-sluaigh, a' chiad uair a thachair sin o 1955.

Coire

Do na Làbaraich, tha làithean doirbh air fàire.

Chuir cuid coire air an SNP airson Dàibhidh Camshron a thoirt air ais gu Àireamh a Deich.

Ach fiù 's nam biodh a h-uile suidheachan ann an Alba aca cha bhiodh sin air diofar a dhèanamh an turas-sa.

Feumaidh am pàrtaidh a-nis ceannard ùr a thaghadh aig ìre na Rìoghachd Aonaichte.

Tha Jim Murphy ag ràdh gun cum e a' dol, a dh'aindeoin a' chaill a bu mhiosa ann an eachdraidh a' phàrtaidh ann an Alba.

Gu h-àbhaisteach chanadh tu gum biodh sin duilich dha - ach cò bhiodh ag iarraidh na dreuchd agus taghadh doirbh eile air fàire aig Holyrood an ath-bhliadhna?

Gàirdeachas

Nì Nicola Sturgeon gàirdeachas a-nochd às dèidh dhi taghadh Westminster a bhuannaich don phàrtaidh airson na ciad uarach.

Ach cha bhi cothrom aice a-nis buaidh a thoirt air riaghaltas beagchuid Làbarach mar a bha i ag iarraidh.

Ach chan fhàg sin nach toir a' bhuidheann mhòr nàiseantach buaidh air cùisean.

Anns na mìosan agus na bliadhnaichean a tha romhainn bidh cothrom mòr aig a' Phrìomh Mhinistear cantainn nach eil còir aig an riaghaltas ùr polasaidhean connspaideach - air sochairean, Trident, an Roinn Eòrpa agus eile - a thoirt air Alba.

'S e tomhas air leth doirbh a bhios a dhìth air Mgr Camshron ma tha e airson an Rìoghachd Aonaichte a chumail còmhla.

Agus neo-eisimeileachd? Tha i air ais air a' clhàr-obrach, nan robh e air falbh a-riamh.