Duine ga ainmeachadh an dèidh tubaist-rathaid

Dh'ainmich na Poilis duine a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-rathaid faisg air Port-Adhair Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.

Thachair an tubaist goirid às dèidh 08:00m Disathairne air a B9039 eadar Àird nan Saor is Port-Adhair Inbhir Nis.

Bhuail Citroen Picasso is Honda CRB na chèile.

Chaidh aon duine a mharbhadh, chaidh ainmeachadh mar Dhàibhidh Duncasan, 25, à Àird nan Saor.

Chaidh duine eile is boireannach a thoirt do dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir is iad air an goirteachadh.

Thuirt na Poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn is dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mun tubaist brath a chur orra.