Dragh mu choinneamhan slàinte san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Leabaidh ospadail
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dragh ann mu sheirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Ghearain luchd-iomairt a tha a' strì airson seirbheisean slainte a ghlèidheadh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich nach eil e furasta fhaighinn gu coinneamhan far a bheil na seirbheisean ùra gan dealbh.

Bha iad a' toirt seachad am beachdan aig coinneimh eadar Comhairle na Gàidhealtachd aig NHS na Gàidhealtachd.

Chuir fear de chomhairlichean an Eilein, Hamish Friseal, dìon ge-tà air mar a tha na coinneamhan gan cur air dòigh.

Thuirt iad gun do dh'fheuch iad roimhe ri uair nan coinneamhan atharrachadh gus am biodh e na b' fhasa do dhaoine a dhol thuca, ach nach robh e comasach uair a thaghadh a fhreagradh air a h-uile duine.

Mì-thoileachas

Tha luchd-iomairt a' gearain gun caill Ospadal Phort Rìgh leapannan agus seirbheisean slàinte èiginneach ri linn phlanaichean airson ospadal ùr a thogail anns an Ath Leathann.

Chaidh togail aig a' choinneimh air mar a tha dùil gun tig àrdachadh air na tha de dhaoine a' fulaing le dementia anns an ùine a tha romhainn, agus gu bheil cunnart ann nach bi leapannan ospadail gu leòr ann mu choinneimh sin.

Thuirt an Comh. Friseal gur e ceist a tha sin ris am feum iad coimhead.

"Feumaidh sinn a bhith a' toirt sùil gu math mionaideach air ciamar a thèid sinn air adhart airson a dhèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean sin air an cur air bhog - gu bheil na togalaichean ann airson a bhith gam frithealadh agus mar sin tha obair mhòr romhainn," thuirt e.

Feumar coimhead cuideachd, thuirt e, ris an taic a ghabhas a thoirt seachad anns a' choimhearsnachd fhèin do dhaoine air an tig dementia.

Chaidh buidheann a chur air chois airson coimhead ri mar as fheàrr na seirbheisean sin a lìbhrigeadh.

Timcheall a' BhBC