Obair mhòr air Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thèid obair-leasachaidh mhòr a dheanamh air ionadan dlùth-chùraim agus lannsaireachd Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Chaidh an cùmhnant airson na h-obrach a thoirt dhan chompanaidh Graham Construction.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum feumadh iad cuid de na h-ionadan aca taobh a-staigh an ospadail a ghluasad gus am freagradh iad na b' fheàrr air feumalachdan slàinte an là an-diugh.

Tha 35 bliadhna ann bho chaidh Ospadal an Ràthaig Mhòir a thogail.

Bidh an t-ionad dlùth chùraim air a shuidheachadh a-nis ri taobh ionad tubaiste is èiginn an ospadail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile