Cobhair air triùir an cala Steòrnabhaigh
- Published
Chaidh triùir òg a shàbhaladh à geòla ann an cala Steòrnabhaigh ann an droch shìde Diluain às dèidh dhaibh ràmh a chall.
Chaidh na seirbheisein èiginn a ghairm nuair a chaidh an dithis nighean is balach fhaicinn anns an eathair, agus a' ghaoth aig Neart 7.
Chaidh ròpa a shadail thuca leis na Maoir-Chladaich faisg air beul abhainn Ghrìoda.
Thuirt tè-labhairt bho Mhaoir-Chladaich Steòrnabhaigh gun robh an triùir air a bhith garbh fortanach.