Ceist mu Aonta Baile Mòr Inbhir Nis

Airgead
Image caption Thuirt Mgr Hendry gun toireadh an t-airgead cruth-atharrachadh air bun-structair a' bhaile.

Thuirt BP ùr Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè, Drew Hendry, gun dèan e strì làidir airson na milleanan notaichean de dh'airgead a tha e ag ràdh a chaidh a ghealltainn do dh'Inbhir Nis le Riaghaltas Bhreatainn mar phàirt de dh'Aonta Bhaile Mhòir.

Chaidh an sgeama a chur air adhart ann an òraid a' bhuidseit mu dheireadh aig an t-Seansalair Seòras Osborne.

Ach tha ceist air nochdadh co-dhiù tachair e, às dèidh dha tighinn am bàrr nach deach an t-aonta a shoighneadh ron taghadh choitcheann.

Bha an t-aonta, a chuir seann BhP na sgìre Danny Alexander air adhart nuair a bha e na Àrd-Rùnaire Ionmhais aig Westminster, luach £300m do dh'Inbhir Nis.

Ann an artaigil a sgrìobh Mgr Hendry don Inverness Courier, thuirt e, a dh'aindeoin nam "facal blàth" 's e "briseadh dùil a th' ann nach do chrìochnaich an seann Riaghaltas an t-aonta" a bheireadh, tha e ag ràdh, cruth-atharrachadh air bun-structair bhaile Inbhir Nis airson an àm ri teachd.

Thuirt e nach eil a dhìth ach ainm-sgrìobhte a' Phrìomhaire.

Gheall Mgr Hendry cuideam mòr a chur air a' Phrìomhaire ainm a chur ris an aonta.