Tuilleadh sheirbheisean aiseig air slighe Steòrnabhaigh

Alt-aiseig
Image caption Tòisichidh seirbheisean a bharrachd eadar Steòrnabhagh agus Ulapul air an 26mh là den Òg-mhìos.

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn clàr-àma airson seirbheisean a bharrachd eadar Steòrnabhagh agus Ulapul aig an deireadh-sheachdain thar mhìosan an t-Samhraidh.

'S e an MV Isle of Lewis a bhios a' ruith nan seirbheisean gach Dihaoine agus Disathairne, eadar Dihaoine an 26mh là den Òg-mhìos agus Disathairne an 29mh là den Lùnastal.

Tha dùil gum bi seo na chuidheachadh an dà chuid dha luchd-turais agus eileanaich 's gearainnean air nochdadh roimhe mu cho duilich 's a tha e àite fhaighinn air na h-aiseagan nuair a tha seusan na turasachd aig àirde.

Tha Cal Mac cuideachd air seirbheisean a bharrachd a chur air dòigh air an 19mh là den Iuchar nuair a thig Fèis Cheilteach Innse Gall gu ceann agus a-rithist air an 16mh là den Lùnastal air sgàth Ralaidh nan Innse Gall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile