A' cuimhneachadh air Festubert
- Published
Cumar tachartasan anns an Eilean Sgitheanach aig an deireadh sheachdainn a' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna ann bho Bhlàr Festubert - fear de bhlàir mhòra a' Chiad Chogaidh.
Uile gu lèir bhàsaich faisg air 20,000 duine anns an t-sabaid anns an Fhraing thairis air deich là.
Bha an t-Eilean Sgitheanach, Ceann a' Ghiuthsaich agus a' Mhanachainn am measg nan àitean air an tàinig call 's mòran bhalach òg a bhuineadh dhan na sgìrean sin a chaidh dhan chogadh agus nach do thill.
Chaill an t-Eilean Sgitheanach cha-mhòr 600 duine anns a' Chiad Chogadh.
Bithear a' coimhead gu sònraichte ris a' bhuaidh a thug an call-beatha seo air sgiobannan iomain nan diofar sgìrean.
A' cuimhneachadh
Tòisichidh cùisean Dihaoine le sreath òraidean bho luchd-eachdraidh le cuirm shònraichte air an oidhche a' dèanamh luaidh air cluicheadairean òga iomain a bhàsaich a' sabaid às leth na dùthcha aca.
'S e an craoladair agus eòlaiche iomain Ùisdean MacIllinnein a sgrìobh agus a bhios a' lìbhrigeadh na cuirme.
Leughaidh Somhairle Dòmhnallach dàn a sgrìobh a sheanair, Somhairle MacGill-Eain, a' cuimhneachadh air Blàr Festubert.
Thèid am fonn "Cluba Iomain na Manachainn", a chaidh a sgrìobhadh le fear a bhàsaich ann am Blàr Festubert, a sheinn air pìob mhòir a chaidh fhaighinn air làrach a' bhlàir.
Bithear a' dèanamh air Pàirce nan Laoch Disathairne airson gheamaichean iomain anns am bi sgiobannan an Eilein Sgitheanaich agus Chinn a' Ghiùthsaich a' cluich a chèile.
Bidh seirbheis ann an uair sin madainn na Sàbaid ann an Ceàrnag Shomhairle ann am Port Rìgh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 4 An t-Ògmhios 2013