£1.7m do Chaisteal Leòdhais

Caisteal Leòdhais
Image caption Tha dùil gum bi a' chuid as motha den chaisteal fosgailte deireadh an Damhair.

Thig dearbhadh Diciadain air a' mhaoineachadh mu dheireadh airson pròiseact-leasachaidh Chaisteil Leòdhais.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean air £1.7m a thoirt seachad airson ìrean a trì 's a ceithir den phròiseact a chrìochnachadh.

"'S e deagh naidheachd a th' ann dha-rìribh," thuirt Joe Mac a' Phì bho Chomhairle nan Eilean Siar.

"Tha seo a' ciallachadh a-niste gu bheil sinn air an t-airgead uile gu lèir a chruinneachadh airson nan ìrean mu dheireadh den phròiseact.

An ath-ìre

"'S e sin crìoch cheart a chur air, agus an t-àite a dhèanamh mar a bha sinn ag amas on fhìor-thoiseach, gum biodh an caisteal air a leasachadh gu h-àrd agus gu h-ìseal, agus an taigh-tasgaidh 's an tasglann, agus timcheall air a' chaisteal cuideachd.

"Tha gu h-ìseal anns a' chaisteal air a leasachadh as ùr a-niste, agus tha rud no dhà againn ri dhèanamh fhathast an sin, agus cuideachd an taigh-tasgaidh 's an tasglann.

"So tha iad a' cur crìche air na rudan mu dheireadh timcheall air a' phròiseact sin.

"'S e an ath-ìre den phròiseact a bhith a' leasachadh shuas an staidhre agus na rùmannan, agus cuideachd a' cur air chois a' chafaidh agus na bùtha, agus nam pàirtean sin den phròiseact.

"Tha sinn a rèir a' chlàr-ama. Tha dùil gum bi an taigh-tasgaidh 's an tasglann a' fosgladh deireadh na bliadhna, agus timcheall air deireadh an Damhair, agus bidh goireasan ann an sin an uair sin airson daoine agus airson an luchd-turais agus airson muinntir nan eilean, agus airson duine sam bith a tha a' tighinn dhan àite.

"Ach bidh na pàirtean eile dheth, a thaobh nan àiteachan fuirich shuas an staidhre, bidh iad sin an ath-bhliadhna, agus chanainn gum biodh iad toiseach an t-Samhraidh no uaireigin an ath-bhliadhna mus bi iad sin deiseil," thuirt e.