Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Dh'èirich an àireamh sluaigh a bha gun obair agus a' sireadh cosnaidh an Alba mu 19,000 gu 168,000 eadar an Fhaoilleach agus am Màrt. Chuir sin ìre chion-cosnaidh na h-Alba aig 6%, os cionn ìre na Rìoghachd Aonaichte gu lèir, far na robh 35,000 nas lugha gun chosnadh, a' toirt na h-àireimh nàiseanta sìos gu 1.83 millean air a' chiad trì mìosan den bhliadhna.

Radaigeachd

Tha an Riaghaltas ag ullachadh lagha ùir an aghaidh an t-seòrsa radaigeachd a dh'fhaodadh ceannairc adhbharachadh. Thuirt Dàibhidh Camshron gu bheil Breatainn air cus spèis a thoirt dhan leithid. Bidh bile ann an Òraid na Bàn-righinn aig deireadh na mìos, ach tha coltas ann mar thà gum bi e doirbh dhan Riaghaltas a chur tron Phàrlamaid.

Na Làbaraich

Thèid clàr-ama fhoillseachadh an-diugh airson Ceannard ùr a chur air a' Phàrtaidh Làbarach. Tha Comataidh Nàiseanta nan Làbarach (NEC) a' deasbad an e pròiseas goirid no fada a bhios ann.

Na Lib-Deamaich

Agus tha na Libearalaich Dheamocratach a' tòiseachadh an-diugh air an t-slighe gu Ceannard ùr, le bhith ag iarraidh thagraichean. Tha dùil nach seas ach dithis - Tormod Lamb, a bha na Mhinistear Slàinte, agus Tim Farron, a bha na Cheann-suidhe air a' phàrtaidh.

Karachi

Chaidh 34 duine a mharbhadh nuair a thug fir-ghunna ionnsaigh air bus ann am baile Karachi ann am Pagastan. Chaidh 13 duine eile a leòn.

Tubaist is Èiginn

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh plana ùir mu choinneimh cho fada 's a tha daoine a' feitheamh aig ionadan tubaiste is èiginn. Air a' Gheamhradh seo b' fheudar do mhòran feitheamh còrr is ochd uairean de thìde, agus e a' faileachadh air an Riaghaltas tighinn air an targaid a chuir iad romhpa fhèin.

Caisteal Leòdhais

Thig dearbhadh an-diugh air an taic-airgid mu dheireadh airson pròiseact leasachaidh Chaisteil Leòdhais ann an Steòrnabhagh, le dùil ri £1.7m bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Cuiridh an t-airgead sin crìoch air an dà earrainn mu dheireadh den obair, agus tha dùil gum fosgail an taigh-tasgaidh agus tasglann anns a' chaisteal aig deireadh na bliadhna.