Iomairt thinneas Lyme
- Published
Cuiridh luchd-strì agus eòlaichean slàinte iomairt air chois a chomharrachadh a' chunnart a th' ann bho thinneas Lyme, a gheibhear bho ghartain.
Chaidh cùisean den tinneas am meud a dheich uimhir thairis air an deich bliadhna mu dheireadh.
'S e mìos aithneachaidh tinneas Lyme a th' anns a' Chèitean air feadh an t-saoghail.
Leis cho freagarrach 's a tha àrainneachd na Gàidhealtachd 's nan Eilean air a shon, tha NHS na sgìre airson an cunnart bho bhìteadh gartain a thoirt dhan fhollais.
Tha cuid a' tomhas a-nis gu bheil suas ri 3,000 cùis ùr den tinneas ann am Breatain a h-uile bliadhna.
Faodaidh na comharran a bhith gu math coltach ri flù, 's tha tric pàtran sònraichte a' tighinn am follais aig làrach a' bhìtidh.
Thuirt Ceanag Moffat às an t-Obha Beag an Uibhist a Deas gun robh comharra oirre-se mar ugh, 's gur e sin a dh'fhàg gun deach mothachadh gun robh tinneas Lyme oirre.
Ma thèid a ghlacadh tràth, gabhaidh a leigheas le antibiotics.
Bidh luchd-iomairt a' togail fianais aig Roinn na Slàinte ann an Lunnainn Diciadain ag iarraidh gun toir dotairean fainear an rannsachadh 's na dòighean leigheis as ùire, 's gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air deuchainnean dearbhaidh an tinneis.