Àrd-oifigear ùr airson Caladh Steòrnabhaigh

Chaidh àrd-oifigear ùr fhastadh airson Ùghdarras Port Steòrnabhaigh.

Gabhaidh Ailig MacLeòid àite Iain MhicIllFhinnein, aig an robh an obair gu h-eadar-amail.

Anns na mìosan a chaidh seachad bha connspaid aig an ùghdarras, le cathraiche agus àrd-stiùiriche a' fàgail an cuid obrach.

Tòisichidh Mgr MacLeòid na dhreuchd ùr air 27mh den Iuchar.