Dh'fhaodadh 90 cosnadh falbh aig Isleburn
- Air fhoillseachadh

Tha 600 duine ag obair dhan chompanaidh air feadh na h-Alba.
Dh'fhaodadh suas ri 90 cosnadh falbh aig companaidh air Ghàidhealtachd a tha a' frithealadh gnìomhachas na h-ola agus a' ghas.
Thuirt Isleburn, a bhuineas do Ghlobal Energy a tha stèidhichte air Taobh Sear Rois, gur coltach gun caill daoine an obraichean ri linn crìonadh anns a' mhargaid.
Tha oifisean aig Isleburn ann am Baile Eòghainn agus ann an Obar Dheathain,
Tha 600 duine ag obair dhaibh air feadh Alba.
Bidh iad a' dèanamh uidheamachd airson phròiseictean fon mhuir.
Thuirt a' chompanaidh gum bi iad ag obair gu cruaidh a' feuchainn ri tuilleadh obrach fhaighinn agus gu bheil iad an dòchas gun tig piseach air an t-suidheachadh aca anns na seachdainnean a tha romhainn.