BBC Naidheachdan

Baileat Stailce aig Cal Mac

Published
image copyrightRichard Sowersby
image captionChaidh an RMT às àicheadh na casaid gun do thog iad cuid de na gearainean le Cal Mac son a' chiad uair an t-seachdan seo.

Thèid baileat stailc a chumail am measg luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a th' ann an Aonadh an RMT.

Dh'innis an RMT oidhche Chiadain gu bheil an càirdeas ri Cal Mac air a dhol bhuaithe chun na h-ìre seo.

Thuirt iad nach d' fhuair iad gealltanasan mar a bha iad ag iarraidh air grunn chuspairean - obraichean, cùmhnantan, peinnseanan, agus na tha an dàn do shlighean aiseig riatanach.

Thuirt an t-aonadh nach robh dol às aca ach baileat a chur air dòigh air sgàth na "mì-chinnt" a th' ann.

Thuirt fear-labhairt bho Chal Mac gur e briseadh dùil a th' ann dhaibh leis nach deach a' mhòr-chuid de na cuspairean seo a thogail leotha ro thoiseach na seachdain seo.

Thuirt iad gu bheil iad tuilleadh is toilichte a dhol an sàs ann an còmhraidhean, ach gu bheil e ro thràth, nam beachdsan, bruidhinn mu stailc.

Thuirt iad nam biodh stailc ann, gun dèanadh iad an dìcheall a' bhuaidh air coimhearsnachdan a lùghdachadh.

Chaidh an RMT às àicheadh na casaid gun do thog iad cuid de na gearainean le Cal Mac son a' chiad uair an t-seachdan seo.