Sreapadairean a' dìon eun-creachaidh bhuapa fhèin

  • Air fhoillseachadh
Iolaire Bhuidhe òg
Fo-thiotal an deilbh,
Tha gach nead-eòin air a dhìon fon lagh, agus 's e eucoir a th' ann a bhith a' cur dragh orra.

Tha siostam ùr ga chur air bhog airson dìon a chur air eòin-chreachaidh 's iad a' neadachadh, bho luchd-sreap.

Bidh sreapadairean uaireanan a' tighinn tarsainn air na neadan aig eòin leithid iolairean buidhe agus seabhagan.

Bidh ne h-eòin a' neadachadh air creagan casa corrach a tha doirbh a ruighinn, agus chan ann gu furasta a chuireas daoine a-steach orra.

Ach bidh e a' tachairt, agus bidh na h-eòin a' trèigsinn nan neadan aca aig amannan ri linn sin.

Solais Thrafaig

Chaidh fios a chur air Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) mu dheidhinn an toiseach nuair a thachair e ann am Bràigh Aonghais, ach thàinig e am follais on uair sin gu bheil e air tachairt grunn thursan.

Tha a' bhuidheann a-nis ag obair ann an co-bhann le Sreap Alba, 's iad air siostam ùr fhoillseachadh gus dìon a chur orra.

Bha siostam rabhaidh aig Sreap Alba mar thà air an làraich-lìn aca, a bha a' sealltainn le "solais thrafaig" far an robh e sàbhailte a bhith a' sreap gun a bhith a' cur dragh air na h-eòin.

Ach tha an siostam sin an urra ri fiosrachadh ùr a bhith a' tighinn a-steach airson a bhith ceart, agus tha leisg air luchd-glèidhidh nan eun gu math tric a bhith ag innse càite a bheil eòin a' neadachadh air eagal 's gum faigh daoine a-mach càite a bheil neadan, a th' air an dìon fon lagh.

Chuir SNH Sreap Alba a dh'ionnsaigh Bhuidheann-Sgrùdaidh nan Eun-Creachaidh (SRG). Bidh a-niste cuid den 12 meur ionadail aig a' bhuidhinn sin a' cur fiosrachaidh gu Sreap Alba gu cunbhalach, le dùil gun tig tuilleadh mheur a-steach dhan sgeama san àm ri teachd.

Thathas cuideachd a' brosnachadh shreapadairean fiosrachadh a chur a-steach iad fhèin gu Sreap Alba ma chì iad eòin-chreachaidh, agus bheirear am fiosrachadh sin do SRG.

"Tha sinn an dòchas gun leig an siostam sìmplidh seo le sreapadairean an cur-seachad a leantainn, gun a bhith a' cur dragh air neadan eun-creachaidh," thuirt Andy Turner, a tha na oifgear eucoir fiadh-bheatha aig SNH.

Is coltach gu bheil sreapadairean air gabhail ris an t-siostam iad fhèin, agus gu bheil iad air a bhith a' cur a-steach fiosrachaidh.

"'S e amas siostam nan solas trafaig air an làraich-lìn againn a bhith a' toirt fiosrachaidh gu leòr do shreapadairean gun dèan iad co-dhùnaidhean fiosraichte, ciallach a thaobh far am bu chòir dhaibh a dhol a shreap," thuirt Andrea Partridge, bho Shreap Alba.

"Mar thà am-bliadhna, tha grunn shreapadairean air fiosrachadh a chur a-steach thugainn mu làraichean neadachaidh, agus chaidh sin a chur ris an liosta.

"Dh'iarrainn air sreapadairean a dhèanamh cinnteach air an làraich-lìn againn an toiseach mus tèid iad a-mach, agus cuideachd a bhith mothachail gur dòcha gu bheil eòin-chreachaidh eile san sgìre nach deach a chlàradh, agus a bhith deònach an cuid phlanaichean atharrachadh ri linn."

Gheibhear fiosrachadh air an làraich-lìn seo a thaobh sgìrean a bu chòir a sheachnadh.