Dragh mu chion riochdachaidh

Tha fear de chomhairlichean Bharraigh ag iarradh air Comisean nan Crìochan tadhail air na sgìrean as iomallaiche anns h-Eileanan an Iar mus tèid iad air adhart le lùghdachadh air àireamh nan comhairlichean bho 31 gu 26.

Tha dragh air Dòmhnall Manford gum fàg an coimisean iad le sgìrean a tha ro mhòr gun riochdachadh ceart.

Mar eisimpleir, dheadh na riochdairean airson Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh is Uibhist a Deas a ghearradh bho cheathrar gu triùir.

Bha e ag ràdh: "Tha rudan gu math ceàrr ann agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math ceàrr nach tàinig Coimisean nan Crìochan iad fhèin dha na sgìrean iomallach."