£23m à sgitheadh

Thathas a' meas gun d' fhuair an eaconamaidh £23m bho na còig ionadan sgithidh a tha an Alba thairis air an t-seusan seo.

Bha an Leac, an Càrn Gorm, Gleann Comhainn, Gleann Sìth agus Raon Nibheis fosgailte airson 463 là eadar iad, an coimeas ri 441 là air an t-seusan a dh'fhalbh.

Ach, thuirt Ski Scotland gun deach faisg air 5,000 na bu lugha ticeadan là a reic.