Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cal Mac

Tha baileat gu bhith aig luchd-obach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn airson stailc mu chùmhnantan obrach, peinnseanan agus seirbheisean aiseig. Tha an t-aonadh RMT ag ràdh nach d' fhuair iad gealltanas sam bith bho Chal Mac air na cùisean sin. Thuirt Cal Mac gur ann an t-seachdain seo fhèin a thàinig seo chun aire, ach tha an RMT a' dol às àicheadh sin.

Referendum mun EU

Thuirt Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, gum bu chòir referendum air ballrachd Bhreatainn anns an EU a chumail air a' chothrom as tràithe. Gheall Dàibhidh Camshron referendum ro dheireadh 2017.

Am Pàrtaidh Làbarach

'S i Yvette Cooper an ceathramh Làbarach a dh'innis gu bheil i a' seasamh airson dreuchd mar cheannard a' phàrtaidh an àite Ed Miliband. Tha Rùnaire nan Làbarach airson Cùisean na Dùthcha air an liosta còmhla ri triùir eile; Andy Burnham, Chuka Umunna agus Liz Kendall.

Taic fèin-mharbhadh

Tha duine à Glaschu ag iarraidh soilleireachadh air an lagh mu bhith a' cuideachadh dhaoine eile gu bhith a' toirt am beatha gu crìch. Tha Gòrdan Ros, air am bheil Parkinson's, a' toirt na cùise gu Cùirt an t-Seisein agus e a' faighneachd an cuireadh an lagh casaid air duine sam bith a bheireadh cuideachadh dhà-san a' toirt a bheatha gu crìch.

An t-iasgach

Bha àrdachadh mòr an-uiridh air an àireamh agus luach an èisg a chur bàtaichean iasgaich air tìr ann an Alba. Bha àireamh an èisg suas mun treas cuid agus an luach suas an còigeamh cuid gu còig ceud agus trì deug millean not, an t-àrdachadh as motha ann an deich bliadhna. 'S e rionnach fhathast an t-iasg as motha luach dhan ghnìomhachas ann an Alba.

NHS na Gàidhealtachd

Chaidh NHS na Gàidhealtachd as àicheadh gur ann a' sàbhaladh airgid a tha iad leis an dreach ùr a tha iad a' cur air seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich. Bha Cathraiche na buidhne, Garry Coutts, a' toirt fianais do Chomataidh Phàrlamaid far an deach a cheasnachadh mu chasaidean gun deach fiosrachadh a chleith air buill a' bhùird mu iasad ann an èiginn a chaidh iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba an uiridh.