Aonta laghail air Oighreachd na Pàirce

  • Air fhoillseachadh
Oighreachd na Pàirce
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-Urras air a bhith a' strì airson 11 bhliadhna airson an Oighreachd a cheannach às leth na coimhearsnachd.

Tha Urras na Pàirce a-nis air cùmhnantan laghail a chrìochnachadh airson an oighreachd air a bheil iad a' fuireach a cheannach às leth na coimhearsnachd.

Tha iad air a bhith a' feuchainn o chionn 11 bhliadhna ris an oighreachd a cheannach bho uachdaran prìobhaideach.

Chaidh innse aig Coinneimh Bhliadhnail an Urrais oidhche Ardaoin, gun deach aonta geanail a ruighinn airson an oighreachd a cheannach.

Chan eil e soilleir aig an ìre seo cò an là air am faigh an t-Urras sealbh deireannach air an fhearann, agus sin a' crochadh air co-dhùnadh air iarrtas chosgaisean an uachdarain airson seirbheisean proifeasanta, ach tha dùil gur ann uaireigin am-bliadhna a bhios sin.

Seirbheisean Proifeasanta

An dèidh iomadh bliadhna de strì, thàinig an dà thaobh gu aonta sa Ghiblean an-uiridh, agus bhon uair sin, tha an t-Urras air a bhith ag obair gus an t-aonta sin a dhèanamh laghail, le taic na coimhearsnachd, a bhòt 2-1 air a shon ann am baileat.

'S iad na prìomh adhbharan a bha a' cur maill air sin, agus ris an deach dèiligeadh a-nis, a bhith a' clàradh chriòchan na h-oighreachd; cò leis a bha an cladach; co-dhiù bha VAT ri phàigheadh; co-dhùnadh SSE tarraing a-mach à gabhaltas le Pàirc Renewables Earranta; làimhseachadh iarrtas an uachdarain airson chosgaisean air seirbheisean proifeasanta, agus gnothaichean eadar-amail a thaobh cùmhnantan laghail a dhùnadh agus sealbh a ghabhail air an fhearann.

Tha 28,000 acair-fearainn san oighreachd, ann an ear-dheas Leòdhais, agus chaidh aontachadh gum pàigh an t-Urras £500,000 air a son, a thuilleadh air corra chosgais eile.

Dhearbh Stòras an Fhearainn, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus Comhairle nan Eilean Siar, gum faigh an t-Urras maoineachadh mu choinneimh sin, a thuilleadh air na chuireas an t-Urras fhèin ris an t-sùim.

"'S e bliadhna gu math deuchainneach a th' air a bhith ann dhan a h-uile duine a bha an sàs, agus uiread de thrioblaidean air an togail, ach tha sinn toilichte innse gun do chuir sinn tairgse dheirannach a-steach an t-seachdain seo chaidh, ris an do dh'aontaich an t-uachdaran," thuirt Aonghas McDowall, Cathraiche Urras na Pàirce.

"Chaidh cùmhnantan laghail a-nis a chrìochnachadh, agus a-rèiste tha aonta laghail a-nis againn airson an Oighreachd a cheannach, a tha a' tighinn a rèir cumhaichean ris an do chuir a' choimhearsnachd taic an-uiridh.

"Ma thèid againn a-nis air dèiligeadh gu sgiobalta ri iarrtas chogaisean an uachdarain airson seirbheisean proifeasanta, tha làn-dùil againn sealbh a ghabhail air an oighreachd nas fhaide den bhliadhna.