Airgead mòr do Bhethesda

Tha barrachd dòchais a-nis gun tèid dachaigh-chùraim Bhethesda ann an Steòrnabhagh a leudachadh.

Tha iad air cnap mòr airgid fhaighinn bho phiuthar Dhòmhnaill Trump - Màiri Anna Trump Barry.

Tha i na britheamh sna Stàitean Aonaichte, 's thug i $250,000 (mu £160,000) seachad mar chuimhneachan air a màthair, Màiri Anna NicLeòid Trump, a bhuineadh do dh'Àird-Thunga ann an Leòdhas bho thùs.

Le sin, agus £200,000 a thug Riaghaltas na h-Alba do Chompàirteachas Slàinte is Chùraim Shòisealta nan Eilean Siar mu a choinneimh, tha Bethesda a-nis an dòchas naoi leapannan a bharrachd a chuir an sàs, le cosnaidhean ùra nan lùib.

Thèid cosgaisean ruith nan leapannan airson a' chiad trì bliadhna a phàigheadh le NHS nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar.

"Tha seo a' dol a chruthachadh naoi leapannan a bharrachd, 's tha sin a' toirt suas an àireamh leapannan a bhios againn gu 30," thuirt Oifigear Ionmhais a' chathrannais, DR Dòmhnallach.

"Tha sin a' dol a dhèanamh feum mhòir dhan choimhearsnachd.

"Tha e a' dol a chuideachadh le leapannan a tha air an glasadh anns an ospadal, 's tha sin a' ciallachadh gum faod naoinear a bharrachd a bhith air an cur dhan dachaigh-chùraim a tha seo.

"Agus daoine a tha a' feitheamh mìosan mòra fada airson faighinn a-steach do dhachaigh-chùraim, agus tha seo a' dol a dhèanamh cuideachaidh mhòir ann a bhith a' leasachadh sin," thuirt e.

Tha dùil gum bi an leudachadh air an togalach fosgailte ro dheireadh na bliadhna seo.