A' chiad phàirt de Leasachadh Loch Baghasdail deiseil

Leasachadh Loch Baghasdail Image copyright Stòras Uibhist
Image caption Tha a' chiad phàirt de leasachadh Chidhe Loch Baghasdail deiseil.

Tha a' chiad phàirt de dh'obair-leasachaidh air Cidhe Loch Baghasdail an Uibhist a Deas deiseil le iasgairean a-nis ga chleachdadh agus tha dùil ris a' chiad bàta-siùil ann Disathairne.

Chaidh cabhsair a chur gu Eilean Ghàsaigh mu thràth agus tha 51 àite pontùin ann airson bàtaichean-siùil.

Thug an leasachadh cha-mhòr dà bhliadhna agus chosg e mu £10m.

B' e pròiseict mhòr a bh' ann dhan uachdaran choimhearsnachd Stòras Uibhist, agus dhan chompanaidh ionadail a fhuair an cùmhant airson na h-obrach.

Obair mhòr

Chaidh faisg air 750,000 tunna de chloich a bhisteadh agus a ghluasad.

Thuirt Aonghas Caimbeul, fear de Stiùirichean Leasachadh Loch Baghasdail Earranta: "tha a h-uile duine rim moladh gu mòr airson an t-suidheachaidh a tha seo an-diugh."

Pontùinichean

Thèid obair a dhèanamh a-nis gus aithne a thoirt dhan phort, gus bàtaichean-siùil a thàladh.

Bidh dealan is uisge ri fhaighinn aig an àite-cheangail agus thathas a' coimhead ri goireasan eile air am biodh feum.

A bharrachd air na pontùinichean a bhith a' fosgladh, tha a' chompanaidh bhradan Marine Harvest ag obair air togalach dhaibh fhèin, is iad a' gluasad an luchd-obrach gu Gàsaigh.

An ath-cheum

Tha a' chompanaidh leasachaidh cuideachd a' coimhead air adhart ris an ath-cheum, 's iad ag amas air caladh a bhiodh freagarrach do dh'aiseagan agus bàtaichean luchd-turais.

Tha an sgioba a th' air cùlaibh na pròiseict an dòchas gun tèid gnìomhachasan ùra a thàladh dhan sgìre.