Sàr sheinneadair Flòraidh NicNèill air bàsachadh

Flòraidh NicNèill
Image caption Rugadh is thogadh Flòraidh ann am Barraigh.

Dh'eug a' bhana-sheinneadair ainmeil Flòraidh NicNèill, aig aois 86.

Bha àite sònraichte aice ann a bhith a' cumail seann nòs na Gàidhlig beò, 's ga thoirt seachad do ghinealach an là an-diugh.

Aig àm nuair a bha seinn Gàidhlig air a dhol car foirmeil, fuadan air àrd-urlar, rinn Flòraidh - am beachd mhòran - barrachd na duine sam bith eile airson seann nòs nan Gàidheal a chur air ais fa chomhair an t-sluaigh.

Bha i air na ceudan òrain ionnsachadh na h-òige ann am Barraigh, far an robh dachaidh an teaghlaich tric na thaigh-cèilidh anns an robh na seann òrain, 's gu h-àraidh òrain luaidh, rin cluinntinn.

Grinn agus tuigseach

Nuair a chaidh i a dh'obair a Dhùn Èideann anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh, thug na h-òrain agus an dòigh seinn aice buaidh mhòr air Gàidheil a' bhaile agus air feadhainn eile a bha an-sàs ann an ath-bheothachadh ceòl traidiseanta na h-Alba.

A' bruidhinn air na bliadhnaichean sin, thuirt Kenna Chaimbeul, a tha i fhèin na seinneadair barraichte:

"Bha i dìreach cho dìleas dhan dualchas. Bha gnothaichean air gluasad air falbh bhon t-seòrsa seinn a gheibheadh tu an tac an teine a-staigh againn fhèin, agus nuair a chuala mise, agus iomadach duine a bharrachd orm, Flòraidh, dh'aithnich sinn gur e seo an fhìrinn ghlan agus na h-òrain air an cur an cèill cho grinn, cho tuigseach agus cho ceòlmhor, agus i fhèin cho grinn 's cho tuigseach air a' chùlaibh."

Dualchas prìseil

Rugadh Flòraidh NicNèill air an Leideig, faisg air Bagh a' Chaisteil, ann an 1928.

Bha seinneadairean air gach taobh dhen teaghlach, ach bhiodh i fhèin ag ràdh gur ann bho thaobh a màthair gu sònraichte a thug i am beartas òran a bha aice.

Chlàr i mòran de na h-òrain do Sgoil Eòlais na h-Alba, 's ghabh luchd-clàraidh mar Hamish Henderson agus Alan Lomax ùidh shònraichte innte anns na 1950an.

Guth àlainn

B' e fear eile a bha eòlach orra ann an Dùn Èideann aig an àm, an t-Ollamh Iain MacAonghais.

"Bha an guth àlainn a bha siud air na teipichean a' gabhail òrain nach robh cumanta idir am measg Ghàidheil ar là - no aig an àm ud, agus bha buaidh anabarrach aig an sin.

"An obair a rinn Flòrag, an ealain a bh' aice, bha e mar gum biodh a' toirt dà shaoghal còmhla: seann saoghal, seann òrain agus an guth ùr, an guth òg agus - ann an dòigh sònraichte - dòigh ùr air a ghabhail cuideachd."

Dh'fhàs Flòraidh NicNeill fìor ainmeil tro na bliadhnaichean airson a guth agus airson a dòigh seinn - an dà chuid am measg nan Gàidheal agus na b' fharsainge.

Buaidh air seinneadairean eile

A bharrachd air rèidio, telebhisean agus àrd-ùrlar anns an dùthaich-sa, sheinn i tric cuideachd air feadh na Roinn Eòrpa agus an Ameireagaidh.

Tha luaidh ga dhèanamh orra mar thè a bha dìleas dhan dualchas, 's a thug buaidh air mòran sheinneadairean anns an là an-diugh a th' air ionnsachadh bhuaipe.

Thuirt Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, a bhiodh ga clàradh a' seinn dhan BhBC aig aon àm:

"'S e an rud a bha uamhasach taitneach mu dheidhinn an t-seinn aig Flòraidh gur ann air an òran a bha d' aire agus chan ann air an t-seinneadair fhèin.

Bha i, mar gum bitheadh, a' cur an òrain air thoiseach orra fhèin.

Tha gu leòr de sheinneadairean - prima donnas - a bhios gan cur fhèin air thoiseach air an rud a tha iad a' seinn, ach bha Flòraidh calg-dhìreach an aghaidh sin."