Ministearan an càirdeasan sìobhalta ceadaichte

Seòmraichean an Àrd-Sheanaidh
Image caption Thèid moladh eile air a' chuspair, 'son cead a thoirt do cho-thionalan ministearan ann am pòsaidhean gèidh a ghairm, ron Àrd-Sheanadh Diardaoin.

Bhòt Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba airson cead a thoirt do cho-thionalan ministearan ann an càirdeasan sìobhalta a ghairm.

Chaidh a' chùis - a th' air a bhith fìor chonnspaideach san eaglais - ron Àrd-Sheanadh ann an Dùn Èideann Disathairne.

Tha seo a' ciallachadh gum bi cead aig ministearan ann an càirdeasan geidh a bhith nam ministearan san eaglais.

Tha ministearan gèidh air a bhith air an deasbad gu làidir am broinn Eaglais na h-Alba bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Ann an 2009 chaidh an t-Urr. Scott Rennie, a bha ann an cairdeas gèidh, a dhearbhadh mar mhinistear aig an Àrd-Sheanadh.

On uair sin tha co-thionalan air sgaradh, agus ministearan air an eaglais fhàgail ri linn na connspaid.

An-uiridh bhòt an Àrd-Sheanadh 'son "eaconamaidh mheasgaichte" le cead do cho-thional briseadh bhon t-seasamh eachdraidheil, is ministear ann an càirdeas sìobhalta a ghairm nan togradh iad.

Chaidh sin gu na clèirean, le mòr-chuid dhiubhsan air a shon, agus aig an Àrd-Sheanadh Disathairne chaidh a chur ann an lagh na h-eaglaise le 309 coimisinearan a' bhòtadh air a shon, is 183 na aghaidh.

Thèid moladh eile air a' chuspair, 'son cead a thoirt do cho-thionalan ministearan ann am pòsaidhean gèidh a ghairm, ron Àrd-Sheanadh Diardaoin.