Gearainnean air gainnead thidsearan

Bàgh a' Chaisteil
Image caption Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil na h-uimhir de luchd-teagaisg air a bhith dheth tinn air an teirm seo.

Tha pàrantan Àrd-Sgoil Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh a' gearain mu dhìth luchd-teagaisg agus clann ag ullachadh agus an sàs an-dràsta ann an deuchainnean aig àrd-ìre agus ìre nàiseanta.

Tha iad a' cumail a-mach gun robh a' Chomhairle slaodach a' cur luchd-teagaisg an àite luchd-obrach a bha dheth tinn.

"Tha e fìor gu bheil draghan gu mòr ag èirigh, agus tha an sgoil, tha mi a' faicinn, agus comhairle nam pàrantan, a' feuchainn gu làidir ri faighinn os a chionn," thuirt Comhairliche na sgìre, Dòmhnall Manford.

"Tha draghan mu thimcheall air an sgoil uile gu lèir, 's an togalach. Bha dùil aig a' choimhearsnachd aig toiseach na bliadhna seo gun robh conaltradh ri bhith ann eadar Roinn an Fhoghlaim agus an sluagh a-bhos ann an seo mu thimcheall air sgoil ùr, agus na draghan a tha mu thimcheall air an sgoil fhèin.

Sgoil Bheag

"Tha sinn còig gu sia mìosan sìos a-staigh dhan bhliadhna agus chan eil duine aca air tighinn fhathast - is coltach gu bheil e ro dhoirbh a' faighinn gu ruige Barraigh.

"Tha na rudan sin a' dèanamh dragh, agus tha sin a' bualadh a-mach air a h-uile rud a th' ann.

"Tha pàrantan a' fàs draghail, agus tha adhbhar aca.

"Tha e daonnan doirbh nuair a thèid duine sam bith dheth tinn - gu h-àraid nuair a thèid dhà no trì, far nach eil ann ach sgoil bheag.

"Tha sin a' dèanamh dhuilgheadasan.

"'S e an dòigh air an gabh na h-àiteachan sin lìonadh gu luath, agus 's e duilgheadas a tha sin a dh'fheumas a' Chomhairle coimhead ris.

"Far a bheil cuideigin an dreuchd fhàgail, gabhaidh e cur a-mach agus gabhaidh an dreuchd sin lìonadh.

"Cha ghabh sin dèanamh, mar a thathar ag innse dhomh, nuair a tha daoine dheth tinn.

"Feumaidh sin a bhith air a lìonadh le tidsear sealadach, agus is coltach gu bheil sin a' fàs nas duilghe 's nas duilghe," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt do Chomhairle nan Eilean Siar gun robh àireamh de thidsearan a tha a' teagaisg chuspairean bunaiteach ann an Àrd-Sgoil Bhàgh a' Chaisteil air a bhith dheth air an teirm seo.

Thuirt iad gun do chùm tidsearan eile bhon sgoil na clasaichean seo, a thuilleadh air tidsearan eile bho thaobh a-muigh na sgoile.