"Port Rìgh a bu chòir"

Ionad-Meidigeach Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun / Geograph
Image caption Fo na molaidhean dheadh ionad-meidigeach nas lugha a dhèanamh de làrach Phort Rìgh, le ospadal ùr san Ath Leathann.

Ann am meadhan strì mhòir an-dràsta 'son seirbheisean slàinte a ghlèidheadh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich tha dotair a thug bliadhnaichean mòra ag obair san sgìre sin ag ràdh gur ann am Port Rìgh seach san Ath Leathann a bu chòir ospadal ùr a thogail.

Tha an NHS a' moladh ospadail ùir san Ath Leathann, agus ionad-meidigeach nas lugha a dhèanamh de dh'Ospadal Phort Rìgh.

Eadar meadhan agus deireadh na 20mh Linne bha an Dr Calum Òg MacRath a' frithealadh leis fhèin air faisg air 2,000 euslainteach ann an Tròndairnis, an ceann a tuath an eilein.

Tha esan den bheachd gu bheil na th' ann de dhaoine sa cheann a tuath, agus mar a tha ceann a deas an eilein nas fhaisge air trì ospadail eile, a' fàgail gu bheil moladh NHS na Gàidhealtachd ceàrr.

Poball

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil e ceàrr uile gu lèir. Chan eil taobh agam a ghabhail ris, idir idir," thuirt e.

"Ach tha mi eòlach air cho math 's gu bheil fhios agam gu bheil còir aige a bhith ann am Port Rìgh.

"Airson a' phobaill a tha sin, agus tha iad anns an sgìre den eilean leis a' phoball cho mòr.

"Mar a tha sin, dh'fheumadh, mar is còir, an t-ospadal a bhith ann am Port Rìgh.

"Agus 90% den luchd-turais a tha a' tighinn dhan eilean, tha iad a' seatladh ann am Port Rìgh.

"Niste tha sin gu leòr. An-dràsta, ma tha e an dèidh 5:00f, chan fhaigh iad dotair ann am Port Rìgh idir.

Trì Ospadail

"Dh'fheumadh iad dotair fhaighinn on Ath Leathann. An càr a thoirt sìos, no an carbad-eiridinn a thoirt sìos dhan Ath Leathann. 'S e cùis mhuirt a th' ann. Cùis mhuirt!" thuirt e.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gur ann a' frithealadh sgìre mòran nas motha na an t-Eilean Sgitheanach a-mhàin a bhios an t-ospadal ùr ge-tà - iar-dheas Rois agus Loch Aillse, agus mar sin, le a bhith san Ath Leathann, gum bi an goireas ùr ann an teis-meadhain na sgìre sin.

"On Ath Leathann fhèin, tha Ospadal an Ràthaig Mhòir ann, agus Ospadal a' Ghearasdain ann, agus Ospadal Inbhir Pheofharain aca.

"'S e uair de thìde, chanainn, airson Ospadal an Ràthaig Mhòir, uair de thìde gu leth airson a' Ghearasdain agus uair de thìde gu leth 's dòcha gu Inbhir Pheofharain fhèin.

"Tha trì aca - agus trì ospadail mhòra. Chan eil sheata suas an seo, nuair a bhios Port Rìgh a' dùnadh - 's bithidh e a' dùnadh. Cha-mhòr gur e ospadal a th' ann idir mar thà," thuirt e.