"Taic làidir" do dh'ath-leasachadh fearainn

Fearann
Image caption Thèid Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn fhoilseachadh ro làithean saoire Samhraidh na Pàrlamaid.

Dh'innis ministear na h-araighneachd, Aileen NicLeoid, do cho-labhairt de dh'uachdarain gu bheil iarrtas làidir ann airson sealbh fearainn na h-Alba ath-leasachadh.

Thuirt i cuideachd gu bheil i airson 's gun tèid tòrr a bharrachd talamhainn a thoirt fo smachd na coimhearsnachd.

Bha a' Bh.Mh. NicLeòid a' bruidhinn aig cuirm a chaidh a chur air dòigh leis a' bhuidhinn Fearann agus Oighreachdan na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdaran.

Thèid Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn fhoilseachadh ro làithean saoire Samhraidh na Pàrlamaid.

Chàin am BPA Tòraidheach Murchadh Friseal planaichean an Riaghaltais mar "chreach fearainn air nòs Big Brother".

Thuirt Cathraiche Fearann is Oighreachdan na h-Alba, Dàibhidh MacIain, gun robh obair mhòr ga dèanamh mar thà gus amasan an Riaghaltais Albannaich a choileanadh, leithid a thaobh chumhachd ath-nuadhachail, àiteachas, taigheadas agus turasachd.

Tha am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, air gealltainn mar thà gun dèilig an Riaghaltas ri uachdarain a tha a' cur bacadh air leasachadh.

Thuirt i cuideachd gun tèid faochadh bho chìsean gnìomhachais a thoirt air falbh bho oighreachdan seilge, mar phàirt de shreath ath-leasachaidhean "radaigeach".

Dh'fhoillsich i san t-Samhain gun leigeadh an t-airgead a bharrachd a thigeadh bhuaithe sin leis an Riaghaltas Stòras Fearainn na h-Alba àrdachadh bho £3m sa bhliadhna, gu £10m.