Teachdaireachd a' Mhodaràtair

An t-Urr. Dàibhidh Robasdan Image copyright Free Church of Scotland
Image caption Tha an t-Urr. Robasdan dhen bheachd gum bu choìr dhan eaglais beachdachadh air sgoiltean a stèidheachadh i fhèin

Tha Modàratair ùr na h-Eaglaise Saoire den bheachd gum bu chòir dhan eaglais beachdachadh air sgoiltean a stèidheachadh i fhèin.

Na òraid aig Àrd-sheanadh na h-eaglaise ann an Dùn Èideann thuirt an t-Urr. Dàibhidh Robasdan gur ann mu bhith a' trèanadh dhaoine airson obraichean, seach a bhith a' toirt foghlaim dhaibh, a tha sgoiltean stàite ann an Alba an-diugh.

Bu chòir dhan eaglais clann oideachadh ann am feallsanachd a' chreideimh Chrìosdail, tha e ag ràdh.

Tha e den bheachd gum bu chòir roghainn a bhith aig pàrantan eadar foghlam saoghalta dhan chuid chloinne, agus foghlam Crìosdail.

Bha an Eaglais Shaor a' ruith sgoiltean ann an Alba mus tàinig Achd an Fhoghlaim a-steach ann an 1872.

Deasbad

Tha Mgr Robasdan, a tha na mhinistear ann an Dùn Dè, aithnichte airson a bheachdan làidir, agus e air a dhol an sàs ann an deasbad poblach roimhe leis an sgrìobhadair ainmeil Ridseard Dawkins nach eil a' creidsinn gu bheil Dia ann.

Thuirt e na òraid gu bheil an creideamh Crìosdail ann an Alba "fo chunnart" ach gu bheil e air mothachadh gu bheil daoine a-nis nas fhosgailte do theachdaireachd a' chreideimh Chrìosdail, ann an cuid de dhòighean, na bha iad aig àm sam bith bho chaidh e fhèin na mhinistear bho chionn 29 bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile