"Crathadh radaigeach" a dhìth

Fearann
Image caption Bhruidhinn Ministear Ath-Leasachaidh an Fhearainn, Aileen NicLeòid, aig co-labhairt uarchdaran ann an Dùn Èideann Dimàirt.

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cumail orra le planaichean 'son crathadh a thoirt air laghan ath-leasachaidh an fhearainn, a dh'aindeoin bheachdan làidir nan aghaidh bho uachdarain.

Thuirt am BPA Làbarach Rhoda Ghrannd gum feum an Riaghaltas siostam nas cothromaiche a thoirt air adhart, nach bu chòir feart a thoirt air feadhainn a sheasadh an aghaidh laghan fearainn nas cothromaiche, is gu bheil an t-àm ann crathadh radaigeach a chur an sàs air mar a tha fearann na dùthcha an sealbh.

Thèid Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn fhoillseachadh ro làithean-saoire Samhraidh Pàrlamaid na h-Alba.

Nochd Ministear Ath-leasachaidh an Fhearainn, Aileen NicLeòid, aig co-labhairt de dh'uachdarain ann an Dùn Èideann Dimàirt.

Thog cuid a bha an làthair dragh mu chuid de na molaidhean a dh'fhoillsich an Riaghaltas an-uiridh, nam measg cumhachdan gus oighreachdan a tha a' cur maill air leasachadh a bhriseadh an-àirde, agus faochadh bho chìsean gnìomhachais a thoirt air falbh bho oighreachdan seilge.

Thuirt am ministear aig a' cho-labhairt gu bheil taic ann 'son ath-leasachadh a thoirt air sealbh an fhearainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo