Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Dh'innis Rùnaire Foghlaim nan Làbarach, Tristram Hunt, an-diugh nach bi e a' seasamh airson ceannas na pàrtaidh. 'S e ceathrar a tha an-dràsta - Andy Burnham, Yvette Cooper, Mary Cray agus Liz Kendal. Thuirt Mgr Hunt gu bheil esan a' cur a thaic ri Liz Kendal.

Eachdraidh de dh'Eucoir

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba plana airson cuideachadh a thoirt gu cosnadh do dhaoine a chaidh a dhìteadh airson eucoir. Tha plana an Riaghaltais a' tighinn agus trì chairteil de chompanaidhean agus buidhnean eile ann an Alba ag aideachadh nach eil iad deònach obair a thoirt do dhaoine aig a bheil eachdraidh de dh'eucoir.

Mountbatten

Tha am Prionnsa Teàrlach a' tadhail an-diugh air an àite ann am Poblachd na h-Èireann far an do mhuirt an IRA am Morair Mountbatten, bràthair a sheanmhair, ann an 1979. Chaill am Morair Mountbatten agus triùir eile am beatha nuair a spreadhadh boma ann am bàta faisg air Mullach Mòr.

Fògarraich

Dh'aontaich Malèisia agus Indonèisia cobhair a dhèanamh air 7,000 fògarrach a tha glacte aig muir far nan cladaichean aca. Agus aig coinneimh ann a Kuala Lumpur, dh'iarr iad cuideachadh bho dhùthchannan eile.

Taigh-òsta Chaisteil Leòdhais

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach do rinn iad dad ceàrr, ged a tha companaidh aig a bheil trì taighean-òsta ann an Steòrnabhagh ag iarraidh air Cùirt an t-Seisein sùil a thoirt air a' chùmhnant airson taigh-òsta ùr aig Caisteal Leòdhais anns a' bhaile. Tha Kenman Holdings Eta ag ràdh gun do bhris am pròiseas tagraidh laghan Eòrpach, agus a bharrachd air a dhol gu Cùirt an t-Seisein, bheir iad a' chùis gu Coimisean na h-Eòrpa.

Ceann Phàdraig

Chuir luchd-smàlaidh smachd air teine air bàta ann an cala Cheann Phàdraig tràth sa mhadainn an-diugh. Tha e coltach gur ann à trioblaid leis an dealan a thòisich an teine air an t-soitheach am Fugro Symphony. Cha tàinig duine gu cron anns an tachartas.

SSE

Dùinidh a' chompanaidh chumhachd SSE aon stèisean guail den dhà a th' aca air fhàgail. Sguiridh stèisean Ferrybridge ann an Yorkshire a' dèanamh dealain ron Mhàrt an ath-bhliadhna.