Eaglais na h-Alba "airidh air a dhol à bith"

An t-Urr. Dàibhidh Robasdan Image copyright Free Church of Scotland
Image caption Tha Mgr Robasdan a' fàgail air Eaglais na h-Alba gu bheil i air cùl a chur ris a' Bhìoball.

Tha Modaràtair na h-Eaglaise Saoire, an t-Urr. Dàibhidh Robasdan, a' fàgail air Eaglais na h-Alba gu bheil i air cùl a chur ris a' Bhìoball agus gu bheil i airidh air a dhol à bith air a shàilleabh.

Bha Mgr Robasdan a' toirt seachad a bheachd 's Eaglais na h-Alba air ceadachadh do chiothionalan ministearan ann an càirdeasan sìobhalta a ghairm.

Beachdaichidh iad Diardaoin air an t-seasamh a ghabhas iad air ministearan ann am pòsaidhean gèidh.

Chuir Mgr Robasdan ìmpidh cuideachd air soisgeulaich ann an Eaglais na h-Alba gluasad dhan Eaglais Shaoir.

Thuirt Eaglais na h-Alba nach robh Mgr Robasdan a' riochdachadh beachd a' mhòr-chuid de bhuill anns an eaglais aige fhèin.

Ann am brath-naidheachd, thuirt Eaglais na h-Alba gun robh cò-obrachadh air a bhith ann eadar an dà eaglais roimhe gu maith an t-soisgeil, agus gun robh fianais ann gun robh iad-san a' soirbheachadh nan oidhirpean ann an ainm Chrìosda aig an taigh agus ann an dùthchannan cèin.

Beachdan làidir

Tha Mgr Robasdan, a tha na mhinistear ann an Dùn Dè, air deasbad a phiobrachadh grunn thursan roimhe le chuid bheachdan air cuspairean leithid ana-chreideamh agus gnothaichean poileataigeach.

Dh'iarr e cuideachd air an Eaglais Shaoir Leantainnich tilleadh air air ais dhan Eaglais Shaoir - 15 bliadhna bho dhealaich an dà bhuidhinn bho chèile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile