Aiseag Chrombaidh a' stad

Aiseag Chrombaidh Image copyright Jeff Collins / Geograph
Image caption Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Duibh gum feuch iad ris an t-seirbheis a thòiseachadh às ùr an ath-bhliadhna.

Cha bhi seirbheis-aiseig eadar Crombaidh agus Bàgh an Eige as t-Samhradh 's a chompanaidh a tha ga ruith air innse gu bheil iad air an cùmhnant aca a thoirt gu ceann.

Bha an t-seirbheis a' ruith gach leth-uair de thìde, seachd là san t-seachdain bhon Òg-Mhìos chun na Sultaine.

Ach thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do cho-dhùin Companaidh Aiseig Chrombaidh stad a chur air an t-seirbheis leis gun robh trioblaid aca àite freagarrach a lorg airson am bàta a thoirt a steach gu cala.

Tha fear de Chomhairlichean an Eilein Duibh, Dàibhidh Alston, den bheachd ge-tà, gu bheil luach anns an t-seirbheis fhathast agus gum feuch iad ris an t-seirbheis a thòiseachadh às ùr an ath-bhliadhna.