Peann-lèasair ga amas air heileacoptair

Heileacoptairean Bristow Image copyright Bristow Helicopters
Image caption Tha pinn-lèasair comasach air daoine a dhalladh rè ùine, agus sa chùis seo, b' ann an sùilean a' phìleat a chaidh a dheàrrsadh.

Tha na Poilis air fiosrachadh iarraidh an dèidh mar a chaidh peann lèasair amas air heileacoptair teasairginn os cionn Inbhir Nis.

Thachair e o chionn seachd seachdainnean, air an 2na là den Ghiblean, os cionn sgìre Rathad an t-Seann Bhaile ann am Baile a' Chnuic, mu 8:25f.

Thuirt na Poilis gum faodadh seo a bhith air tubaist uabhasach adhbharachadh, leis gu bheil an solas comasach air an criutha a dhalladh rè ùine.

Thug iad rabhadh gun tèid dèiligeadh gu cruaidh le duine sam bith a thèid a ghlacadh a' cleachdadh pinn lèasair san dòigh seo.