Duais 'son prògram Jock Stein

Choisinn prògram 'Jock Stein' duais Chomann Telebhisean Rìoghail na h-Alba (RTS) airson an fhiolm spòrs as fheàrr.
Image caption Choisinn prògram 'Jock Stein' duais Chomann Telebhisean Rìoghail na h-Alba (RTS) airson an fhiolm spòrs as fheàrr.

Choisinn prògram 'Jock Stein' duais Chomann Telebhisean Rìoghail na h-Alba (RTS) airson an fhiolm spòrs as fheàrr an 2014.

Chaidh am prògram a' dhèanamh le Purple TV airson BBC ALBA, le Ailig O' Henley ag innse sgeulachd-beatha Mhgr Stein, a bha na shàr-chluicheadair agus manaidsear ball-coise le grunn sgiobaidhean, Celtic agus sgioba nàiseanta na h-Alba nam measg.

Tha Jock Stein am measg nan ainmean a bu chliùtaiche ann am ball-coise an Alba, an dèidh dha Cupa na h-Eòrpa buanachadh le Celtic ann an 1967.

Ghabh e dreuchd manaidsear air sgioba ball-coise na h-Alba ann an 1978, agus bhàsaich e dìreach an dèidh do dh'Alba cluich an aghaidh na Cuimrigh aig Pàirce Ninian air an 10mh là den t-Sultain 1985.

Timcheall a' BhBC