Taigh-staile air fàire an Ratharsair

Halaig, Ratharsair Image copyright Peter Paalvast / Geograph
Image caption Tha dùil gun toir an taigh-staile cothrom do dh'òigridh an eilein fuireach ann.

Dh'fhaodadh gum biodh buanachdan mòra an cois taigh-staile ùir do dh'Eilean Ratharsair a rèir fhir de mhuinntir an eilein.

Bha John Willie MacGillÌosa a' bruidhinn agus a' chompanaidh R and B Distillers air innse gum bi cosnadh ann do 11 duine.

Tha cuideachd taigh-òsta, taigh-seinnse agus ionad-tadhail an cois nam planaichean.

Tha iad an dòchas gum bi an t-àite fosgailte an ceann dà bhliadhna - ach feumaidh iad cead-dealbhachaidh fhaighinn an toiseach.

Oigridh 's an Sgoil

"'S e naidheachd mhath a th' ann, ceart gu leòr, gu h-àraid 's e a' toirt obair dhan àite," thuirt Mgr MacGillÌosa.

"Uell, chì sinn dè cho math 's a bhios an t-uisge-beatha. Tha mi an dòchas gum bi e math - tha uisge math dha-rìribh ann an Ratharsair.

"Tha iad an dèidh toll-tobrach a dhèanamh airson uisge, 's fhuair iad uisge gu leòr dìreach anns na làraich far a bheil iad.

"'S e na h-obraichean as cudromaiche dhuinne ann an seo co-dhiù.

"Cha chuala mi fhathast dè seòrsa obraichean a bhios ann, ach tha mi cinnteach gum bi diofar obraichean co-cheangailte ris an taigh-staile.

"Ach ma gheibh sinne cosnadh dha suas ri dusan duine ann an seo 's e cuideachadh mòr a bhios ann.

"Can òigridh a' fàgail na sgoile, nach leig iad a leas - feadhainn a bhios a' dol dhan oilthigh 's mar sin - ach feadhainn nach eil, bheireadh e cothrom dhaibh fuireach anns an àite, ma bhios sin nam beachd," thuirt e.

Thuirt Mgr MacGillÌosa gun toireadh an leasachadh togail don eilean ge b' e daoine o àiteachan eile a gheibheadh an obair, leis gum biodh teaghlaichean le cloinn a' fuireach san eilean, 's gun cuireadh sin gu mòr ri seasmhachd na sgoile.

"Chan eil teagamh sam bith nach dèan e feum dhan àite," thuirt e.

"Feumaidh daoine fuireach anns an eilean, gu h-àraid ma tha teaghlaichean ann, nì iad feum dhan sgoil.

"Tha na tha de chloinn anns an sgoil a' beagachadh a h-uile bliadhna an-dràsta, agus tha e cudromach gum bi sgoil ann.

"Cha chuala mi dad bho dhuine a' cur na aghaidh co-dhiù, ach 's dòcha gum bi daoine a' cur na aghaidh, chan eil fhios agamsa.

"Ach tha mi a' smaoineachadh, a' chuid as motha de mhuinntir an àite, bhiodh iad gu math toilichte leis - gu h-àraid airson nan obraichean," thuirt e.