Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An AE

Thug Dàibhidh Camshron rabhadh gum faodadh cùisean a bhith riaslach 's e a' feuchainn ri stèidh ùr a thoirt air an dàimh a th' aig Breatainn ris an Aonadh Eòrpach. Bha am Prìomhaire a' bruidhinn ann an Latbhia 's e aig àrd-choinneimh de cheannardan an AE.

An Ugràin

Tha Amnesty Eadar-nàiseanta ag ràdh gu bheil fianais air leth làidir ann gu bheil prìosanaich air an dà thaobh den t-sabaid anns an Ugràin gan ciùradh 's gam marbhadh. Tha iad ag iarraidh air na Dùthchannan Aonaichte rannsachadh a dhèanamh air casaidean de dh'eucoirean cogaidh. Tha an dà thaobh a' dol às àicheadh gu bheil iad ri eucoirean cogaidh.

Sàbhailteachd Euslainteach

Thuirt Àrd-Oifigear Meidgeach na h-Alba, Catherine Calderwood gun d' fhuair i gealladh bho stiùiriche mheidigeach Bhòrd-Slàinte Ghlaschu mu shàbhailteachd nan euslainteach aig ionad-aillse a' Bheatson. Bha 56 eòlaiche aig an ionad air sgrìobhadh gu Ministear na Slàinte ag iarraidh euslaintich a dhìon 's iad ag ràdh gun deach an cur ann an cunnart ri linn atharrachaidhean a tha gam moladh. Thuirt NHS Ghlaschu is Chluaidh nach cuireadh iad a chaoidh sàbhailteachd euslainteach ann an cunnart.

Pòsadh Aon-ghnèitheach

Tha luchd-bhòtaidh ann an Èirinn a' gabhail pàirt an-diugh ann an referendum air co-dhiù bu chòir bun-reachd na dùthcha atharrachadh gus pòsadh gèidh a cheadachadh. Ma thèid gabhail ris bidh Èirinn a' chiad dùthaich a bhios air pòsadh gèidh a cheadachadh le bhòt am measg an t-sluaigh. Tha dùil ri toradh na bhòta bho mheadhan-là a-màireach.

Trident

Cumar deasbad anns na Cumantan an ath-sheachdain air sàbhailteachd Trident. 'S iad Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a dh'iarr an deasbad agus fear a bha na mharaiche-aigeann, Uilleam McNeilly, air pàipear a sgrìobhadh a' togail cheistean mu dheidhinn. Thuirt an Cabhlach Rìoghail gu bheil dòighean-obrach agus sàbhailteachd an luchd-obrach air leth cudromach dhaibh.

Ministearan Gèidh Pòsta

Bhòt Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba leigeil le cothionalan ministearan a ghairm ma tha iad ann am pòsaidhean gèidh. Thèid a' chùis a chur a-mach a-nis gu clèir na h-Eaglaise ach am beachdaich iad air. Nas tràithe den t-seachdain chaidh cead a thoirt do chothionalan ministearan gèidh ann an càirdeasan sìobhalta a ghairm.

Tubaist-rathaid

Thugeadh fear dhan ospadal às dèidh droch thubaiste air an A90 ann an Siorrachd Obar Dheathain anns a' mhadainn. Tha dùil gun robh càr agus làraidh an lùib na tubaiste faisg air Laurencekirk 's gun deach an càr na theine. Thugadh an duine a dh'Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè. Tha slighe eile ga comharrachadh airson chàraichean a tha a' dol gu deas air an rathad.

Flòdaigearraidh

Tha Urras Fhlòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil taic làidir anns an sgìre airson feuchainn ris a' bhaile fhèin fhaighinn fo smachd na coimhearsnachd. Tha an t-Urras an teis-meadhain oidhirp an-dràsta fearann anns a' bhaile fhaotainn air an gabhadh ionad-coimhearsnachd ùr a thogail.