Cobhair air bàt-iasgaich

Chaidh cobhair a dhèanamh air bàta-iasgaich faisg air Barraigh oidhche Dhòmhnaich às dèidh dhi tòiseachadh a' lìonadh le uisge.

Chuir an Laurel a-mach gairm èiginn aig meadhan oidhche, is iad 13 mìle an ear air Bagh a' Chaisteil.

Bha Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh, Bàta-teasairginn Bharraigh agus dà eathar eile an sàs san iomairt 'son an t-uisge a bha air bòrd a thoirt dhi le pumpa.

Chaidh an t-eathar a thoirt air ais chun a' Bhagh a Tuath timcheall air 03:00m.

Bha criutha de cheathrar air bòrd, agus cha robh iad air an goirteachadh ann an dòigh sam bith.