Iarrtas air seann phlèanaichean Bharraigh

Itealan
Image caption Thèid an dà itealan a tha an-dràsta a' frithealadh Bharraigh, Thiriodh, Colla agus Cheann Loch Chille Chiarain, a shaoradh as t-Fhoghair.

Bu chòir an dà itealan a thèid a shaoradh as t-Fhoghair bho shlighean Bharraigh, Cholla, Thiriodh agus Cheann Loch Chille Chiarain ri linn plèanaichean ùra, a chur gu feum air seirbheis-adhair dhan Eilean Sgitheanach, a rèir fhir de chomhairlichean an eilein.

Thuirt Hamish Friseal mura gabh sin dèanamh, gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dà itealan ùr a cheannach airson na seirbheis.

"Tha sinn gu math toilichte gu bheil Tiriodh agus Barraigh a' faighinn nan itealan ùra a tha sin, thuirt Mgr Friseal.

"Tha mi a' creidsinn gu bheil iad feumach orra, agus bidh e math gu bheil iad aca anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Faochadh

"Ach an rud a tha a' cur dragh ormsa, 's e gu bheil iarrtas mòr air a bhith anns an Eilean Sgitheanach o chionn iomadach bliadhna airson seirbheis a chur air bhog às an eilean gu Tìr Mòr, agus gu bheil fhios aig an Riaghaltas gu bheil seo a' dol air adhart, agus gun robh an t-iarrtas ann.

"Tha e a' cur dragh orm nach eil iad a' gabhail beachd sam bith aig an ìre a tha seo air rud sam bith a dhèanamh a bheir faochadh dhan Eilean Sgitheanach.

"A-nise tha deagh theansa gu bheil dà itealan timcheall air a' Ghàidhealtachd an àiteigin 's dòcha nach eil gan cur gu feum," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt bho Chòmhdail Alba gur ann le Loganair a tha na plèanaichean a tha an-dràsta air na seirbheisean PSO gu Ceann Loch Chille Chiaran, Tiriodh is Barraigh is gum bi e an urra ris a' chompanaidh dè nì iad leotha.

Thuirt e le a bhith a' ceannach nam pleanaichean aca fhèin, gum brosnaich an Riaghaltas farpais a bharrachd 'son cùmhnant nan slighean sin, a thòisicheas san Damhair.

Thuirt am fear-labhairt nach eil planaichean aig Riaghaltas na h-Alba 'son seirbheis adhair dhan Eilean Sgitheanach.

Thuirt e gum biodh iad toilichte seirbheisean ùra a dheasbad ach gum biodh dùil gur ann aig ìre ionadail a dh'fheumadh airgead tighinn 'son an stèidheachadh

Tuilleadh air an sgeulachd seo