Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum an AE

Cha bhi bhòt aig mu 1.5 millean Eòrpach a tha a' fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte san referendum air ballrachd Bhreatainn anns an AE ris a bheil dùil ann an 2017. Thuirt an Riaghaltas gum bi liosta luchd-bhòtaidh stèidhichte an ìre mhath air an liosta a bh' ann airson an taghaidh choitchinn. Bidh Dàibhidh Camshron a' deasbad a phlana airson aonta ùr mu chàirdeas Bhreatainn ris an AE aig coinneimh ri Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, a-nochd.

Alasdair MacIlleMhìcheil

Thuirt seann Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, nach fhàg e a dhreuchd ged a thàinig e am follais gur esan a sgaoil fiosrachadh nach robh fìor mu cheannard an SNP, Nicola Sturgeon, ron taghadh choitcheann. Tha an SNP ag ràdh nach urrainn earbsa a chur ann am Mgr MacIlleMhìcheil tuilleadh, ach thuirt BP Lib-Deamach Arcaibh is Ssealtainn gum fuirich e a' riochdachadh na sgìre sin ann an Westminster.

Didcot

Tha poilis ann an Oxfordshire ag iarraidh fiosrachaidh bhon mhòr-shluagh 's iad a' coimhead airson fir fo amharas gun do mhuirt e a phiuthair, a mhàthair agus a cèile. Tha na Poilis ag iarraidh bruidhinn ri Jed Allen a tha 21 bliadhna de dh'aois, mun tachartas aig taigh ann an Didcot Disathairne.

Peadar Robinson

Tha Prìomh Mhinistear Èireann a Tuath, Peadar Robinson, anns an ospadal agus amharas ann gun tàinig grèim-cridhe air. Dh'fhàs Mgr Robinson, a tha 66 bliadhna de dh'aois, meadhanach anns a' mhadainn an-diugh, agus chaidh a thoirt dhan ospadal ann am Béal Feirste.

Ramadi

Thuirt Prìomhaire Iorac, Haider al-Abadi, gun toir feachdan an Riaghaltais aige baile Ramadi air ais bhon Stàit Ioslamaich ann am beagan làithean, agus chaidh e às àicheadh nach eil miann airson sabaid aig feachdan Iorac mar a thuirt Rùnaire Dìon nan Stàitean Aonaichte, Ash Carter.

Seirbheis-Adhair Sgitheanach

Tha comhairliche Sgitheanach ag ràdh gum bu chòir itealain a bhios saor as t-Fhoghair nuair a thig plèanaichean ùra gu seirbheis nan àite a chur gu feum airson seirbheis-adhair ùr a stèidheachadh dhan Eilean Sgitheanach. Tha Hamish Friseal ag ràdh, mura gabh sin dèanamh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba dà itealan ùra a cheannach airson na seirbheis. Thuirt fear-labhairt do Chòmhdhail Alba, gur ann le Loganair a tha na plèanaichean, a tha an-dràsta air na seirbheisean PSO gu Ceann Loch Chille Chiarain, Tiriodh 's Barraigh, agus gu bheil e an urra ris a' chompanaidh dè nì iad leotha. Agus thuirt e nach eil planaichean aig Riaghaltas na h-Alba an-dràsta airson seirbheis-adhair dhan Eilean Sgitheanach.