Fearg air dràibhearan tagsaidh

Tha dràibhearan tagsaidh Inbhir Nis feargach le mar a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèiligeadh riutha.

Tha iad a' gearain nach deach faraidhean an-àirde bho 2011, agus tha Bòrd Ceadachd na Comhairle a-nis air àrdachadh a mholadh a tha iad ag ràdh a tha a' tighinn gu timcheall air 1.5%.

Thuirt na dràibhearan nach fhiach àrdachadh cho beag a chur an sàs ri linn 's nach fhaigheadh iad ach mu 20sg a bharrachd airson gach turais.

Tha iad ag ràdh cuideachd gun cosgadh iad a' mhòr-chuid den phrothaid bhig a dhèanadh iad air a bhith ag atharrachadh nam meataran aca.

Tha na dràibhearan ag ràdh gu bheil e duilich dhaibh bith-beò a dhèanamh agus gu bheil feum air àrdachadh faraidhean de 12%.